| Àrd-oifigear Bhòrd na Gàidhlig a’ tadhal air Ceòlas | |
| 10 An t-Iuchar 2008 Tadhlaidh Coinneach Moireach, Àrd-oifigear Bhòrd na Gàidhlig air pròiseact Ceòlas ann an Uibhist a Deas (Diardaoin 10 Iuchar 2008) gus faighinn a-mach dha fhèin mar a tha maoin a’ Bhùird a’ cuideachadh ann a bhith a’ cumail a’ chànain beò air an eilean. Tha an sgoil-shamhraidh chiùil is dannsa a tha a’ dol fad na seachdain eadar an 6mh is an 11mh den Iuchar a’ faighinn maoineachadh de £10,000 bho Bhòrd na Gàidhlig, buidheann Gàidhlig an Riaghaltais, a tha ag amas air a bhith a’ brosnachadh is a’ leasachadh cleachdadh agus tuigse na Gàidhlig air feadh Alba. Aig Ceòlas gheibhear fìor dheagh theagasg ann an raon de ealain thraidiseanta na Gàidhlig leithid pìobaireachd, fìdhlearachd, seinn, ruidhlean is cuadraillean, dannsa ceum is an cànan Gàidhlig fhèin. Stèidhichte ann an Uibhist a Deas, tha “an sgoil” a’ sgrùdadh nan ceanglaichean cudromach eadar ceòl traidiseanta Albannach, òrain Ghàidhlig is dannsa, le taic bho luchd-teagaisg sgileil. Tha cuid den luchd-teagaisg nan aoighean à Ceap Breatainn ann an Alba Nuadh, Canada dhan deach cultar na Gàidhlig a thoirt a-null le eilthirich bhon Ghàidhealtachd is na h-Eileanan o chionn faisg air 200 bliadhna. Thuirt Coinneach Moireach, Àrd-oifigear Bhòrd na Gàidhlig: “Tha am Bòrd a‘ toirt taic do raon fharsaing de bhuidhnean Gàidhlig is thachartasan air feadh Alba agus tha mi toilichte an cothrom fhaighinn tadhal air Ceòlas, a tha gach bliadhna a’ dol bho neart gu neart. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith coinneachadh ris an fheadhainn a tha air a bhith ag obair gu dian gus a bhith cumail ar cànan agus a thraidiseanan beò is co-aimsireil.” Thuirt e cuideachd: “Is e pròiseactan leithid Ceòlas a tha nan eisimpleir air a h-uile càil a tha math mu chultar na Gàidhlig is a tha nan adhbhar carson a dh’fheumas sinn a bhith ag obair còmhla gus a chumail beò. Is e dìleab luachmhor a tha sa Ghàidhlig, agus bu chòir do mhuinntir Alba a bhith uabhasach pròiseil às. Is e cànan, beothail, a tha beò san là an-diugh a tha ann a tha a’ beantainn sa h-uile dòigh ri saoghal an latha an-diugh, agus tha seo follaiseach aig Ceòlas oir tha e a’ tàladh oileanaich bho air feadh an t-saoghail.” Thuirt Linda Fabiani, Ministear a’ Chultair a choinnich ri luchd-stiùiridh Cheòlas o chionn ghoirid, agus a bha an làthair aig a’ chèilidh fosglaidh mar phàirt den chuairt samhraidh aice gu na h-Eileanan Siar: “Tha Ceòlas a’ comharrachadh a’ chultair bheairtich is bheothail Gàidhlig a tha againn agus bha mi toilichte blas fhaighinn den cheòl, de na h-òrain agus den dannsa aig an deireadh sheachdain. Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach ann a bhith a’ cruthachadh àm ri teachd a bhios soirbheachail agus seasmhach dhan Ghàidhlig agus tha mise a’ moladh Ceòlas leis mar a tha iad ag àrach ùidh nar dualchas iomraiteach ann an Alba agus nas fharsainge na sin.” Rè an turais tadhlaidh Mhgr Moireach air grunnan phròiseact, mus cur e seachad an fheasgar aig Bùithtean-obrach Crossover, far am bi sgoilearan ag ionnsachadh mu thaobh eile de na h-ealain Ghàidhlig, eadar-dhealaichte bhon chiad taghadh aca fhèin. Tha Ceòlas den bheachd gu bheil an dòigh farsaing seo a’ cruthachadh tuigse nas fheàrr mun cheangal eadar taobhan eadar-dhealaichte den chultar Ghàidhlig. Air an fhionnaraidh thèid Coinneach gu cèilidh ann an Èirisgeigh còmhla ri na h-oileanaich is an luchd-teagaisg far am bi Angela NicFhionghain, an riochdaire rèidio agus telebhisean Gàidhlig na bean an taighe, còmhla ris an t-seinneadair Gàidhlig Caitlin NicAonghais a bhios na h-aoighe shònraichte. Thuirt Cathraiche Ceòlas Màiri NicAonghais: “Bidh sinn toilichte fàilte a chur air Coinneach airson a’ chiad uair aig Ceòlas. Tha e air leth brosnachail gu bheil Bòrd na Gàidhlig ag aithneachadh an àite a tha aig Ceòlas, an Sgoil Samhraidh Coimhearsnachd ann an leasachadh na Gàidhlig san àm ri teachd. Is e eisimpleir mhìorbhaileach a tha ann an Ceòlas de dh’amalachas luachmhor a tha a’ dèanamh follaiseach cho cudromach ’s a tha cultar na h-Alba agus a’ Ghàidhlig ann an àrainn an t-saoghail mhòir.” | |

