MG ALBA a’ toirt taic gu Challenge Cup
01 An Lùnastal 2008

Bidh MG ALBA a’ toirt taic-airgid gu Scottish Football League Challenge Cup 2008.

Am bliadhna is e ALBA Challenge Cup an t-ainm a bhios air an fharpais, a tha air a bhith a’ dol airson 18 bliadhna, agus bidh an geama deireannach agus aon gheama san iar-chuairt dheireannach gan craoladh air telebhisean. Bidh cothrom aig an t-Seirbheis Dhidseataich Ghàidhlig, a thèid air an adhair as t-fhoghar, taic a chumail ris an fharpais airson 2009 cuideachd.

Is e co-bhanntachd eadar MG ALBA agus am BBC a tha san t-Seirbheis Dhidseataich Ghàidhlig.

Chuir Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA, fàilte air an naidheachd, a chaidh fhoillseachadh nuair a chaidh crannchur a dhèanamh airson na darna cuairt den ALBA Challenge Cup 2008 aig Pàirc Hampden. Thuirt Mgr Moireasdan, “Bha sinn air leth toilichte an t-aonta seo le Lìog Ball-coise na h-Alba a chur air dòigh, a tha a’ toirt cothrom don t-Seirbheis Dhidseataich Ghàidhlig geamannan ALBA Challenge Cup a chraoladh gu nàiseanta. Is e ceum mòr airson craoladh ann an Alba a tha san t-seirbheis ùir agus tha e na chuideachadh dhan amas againn a bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig aig ìre nàiseanta agus aig ìre choimhearsnachd gu bheil sinn ag obair còmhla ri com-pàirtiche nàiseanta mar Lìog Ball-coise na h-Alba. Bidh craoladh geamannan ALBA Challenge Cup cuideachd a’ toirt cothrom don luchd-amhairc na sgiobaidhean aca fhaicinn air an telebhisean tro mheadhan na Gàidhlig.”

A’ bruidhinn as leth Lìog Ball-coise na h-Alba, thuirt David Longmuir, an t-Àrd Oifigear, “Tha sinn glè thoilichte fàilte a chur air MG ALBA, a bhios a’ toirt maoin agus ainm dhan Challenge Cup. Bha e daonnan mar amas againn ìomhaigh na farpais adhartachadh agus cothroman craolaidh a lorg air a son gus aire dhaoine a thoirt gu spiorad coimhearsnachd na farpais. Tha an com-pàirteachas seo a’ nochdadh ceangal eadar amasan coimhearsnachd na da buidhne agus tha e a’ ciallachadh gun tèid dà gheama gu math cudromach a chraoladh.”

Thug Alasdair MacAoidh, Runaire Sgioba Ball-coise Queen’s Park, a thaic ri cothroman craolaidh ùra airson spòrs ann an Alba, ag ràdh: “Tha mi fìor thoilichte cluinneil gu bheil MG ALBA a’ cur ainm ri farpais an SFL Challenge Cup. Bidh e feumail dha na sgiobaidhean, ach a bharrachd air sin bidh an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig na cuideachadh mòr ann a bhith a’ brosnachadh ball-coise am-measg a h-uile coimhearsnachd ann an Alba agus aig an aon àm a’ brosnachadh na Gàidhlig.”

Is e MNE Media a bhios a’ clàradh geamannan ALBA Challenge Cup mar phàirt den phasgan fharsaing de phrògraman a bhios a’ chompanaidh a’ dèanamh airson na seirbheis ùir. Thuirt Stiùiriche MNE Media, Ailean Dòmhnallach, “Tha com-pàirteachas mar seo eadar craoladairean, companaidhean riochdachaidh agus buidhnean spòrs math airson a’ ghnìomhachais chraolaidh ann an Alba agus airson luchd-amhairc is luchd-leantainn spòrs. Tha e na thoileachas mòr dhomh gu bheil MNE Media an sàs anns an obair seo aig àm a tha cho brosnachail airson a’ ghnìomhachais, a’ toirt cothrom dhuinn barrachd spòrs a chlàradh agus a chraoladh.”

Crìoch

Airson barrachd fiosrachaidh no airson dhealbhan, cuir fòn gu Murchadh Moireasdan air 01851 705550 or 07525 893367.

Fios airson luchd-deasachaidh:

Tha MG ALBA agus am BBC ag obair ann an co-bhanntachd airson an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a libhrigeadh agus prògraman Gàidhlig air telebhisean, rèidio agus air-loidhne a thoirt gu muinntir na h-Alba. Thèid an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a chraoladh le cead-craolaidh a’ BhBC.

Bidh an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig ri faighinn air saideil agus cabal air feadh na Rìoghachd Aonaichte, le prògraman cuideachd rim faotainn air loidhne. A rèir measadh le Urras a’ BhBC, bidh an t-seirbheis ri faighinn air Freeview, ann an Alba a-mhàin, as dèidh tionndadh gu didseatach.

Is e MG ALBA, a’ seasamh airson Meadhanan Gàidhlig Alba, ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

Tha MNE Media am measg nan companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach as motha ann an Alba. Stèidhichte ann an Glaschu, tha cliù aig a’ chompanaidh airson phrògraman ùra inntinneach aig àrd ìre sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.

www.mgalba.com

www.bbc.co.uk/alba

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use