Ceannard Bòrd na Gàidhlig a’ leigeil dheth a dhreuchd
06 An Lùnastal 2008

 

Tha Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Coinneach Moireach air leigeil dheth a dhreuchd an dèidh beagan nas lugha na bliadhna; co-dhùnadh a chaidh a rèiteach eadar e fhèin is am Bòrd.

Thàinig Coinneach Moireach (46) gu Bòrd na Gàidhlig à Coimisean nan Coilltean anns an t-Sultain 2007. Ghluais e a dh’Inbhir Nis ann an 2005 na Mhanaidsear Phrògraman Pàrlamaideach agus Cultarail agus na Oifigear Poileasaidh Gàidhlig aig a’ Choimisean. 

Thuirt e “Bha e mar urram dhomh cothrom fhaighinn a bhith a’ stiùireadh Bòrd na Gàidhlig aig ìre cho cudromach na leasachadh. Bu thoil leam gu dùrachdach, taing a thoirt do sgioba Bòrd na Gaidhlig airson an taic. Tha iad air a bhith ag obair gu cruaidh a thaobh a’ chànain agus tha mi a’ guidhe gach soirbheas dhaibhsan agus do bhuill a’ Bhùird anns an àm ri teachd.”

Thuirt Cathraiche Eadar-amail a’ Bhùird, Art MacCarmaig, “Tha sinn mothachail air an obair a rinn Coinneach Moireach às leth Bòrd na Gàidhlig agus tha sinn an dòchas gun tèid gu math leis. Thèid plana a chur an gnìomh a chumas rian air gnothaichean taobh a-staigh a’ Bhùird gus an tèid Stiùiriche ùr fhastadh. Leanaidh sinn oirnn leis an adhartas Plana Nàiseanta na Gàidhlig a chur an gnìomh, a’ togail air ceanglaichean le buidhnean eile agus ag obair le coimhearsnachdan Gàidhlig anns an dòigh as fheàrr a nì feum.”

 

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use